Ath-chuinge Sgitheanach chun na Pàrlamaid
- Air fhoillseachadh

Tha na planaichean air mì-thoileachas mòr adhbharachadh, gu h-àraid an ceann a tuath an eilein.
Thèid ath-chuinge mu choinneimh comataidh ann am Pàrlamaid na h-Alba Dimàirt ag amas air co-dhùnadh an Riaghaltais air seirbheisean slàinte anns an Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse atharrachadh.
Cho-dhùin NHS na Gàidhealtachd bho chionn bliadhna cruth-atharrachadh a thoirt air seirbheisean slàinte na sgìre, le ospadal ùr gu bhith air a thogail san Ath Leathann.
Chuir Rùnaire na Slainte a taic ris na planaichean sin aig toiseach na bliadhna.
Ach tha mòran, gu h-àraid an ceann a tuath an eilein, mì-thoilichte leis na tha san amharc.
Tha an ath-chuinge ag iarraidh air an Riaghaltas sùil às ùr a thoirt air na planaichean.