Ath-thagradh mu thuath-gaoithe
- Air fhoillseachadh

Thug Comhairle na Gàidhealtachd agus Riaghaltas na h-Alba cead dhan tuath-gaoithe
Nì Riaghaltas na h-Alba agus a' chompanaidh chumhachd SSE ath-thagradh an aghaidh breith bho Chùirt an t-Seisein a chuir stad air tuath-gaoithe connspaideach faisg air Cille Chuimein.
Thug Comhairle na Gàidhealtachd agus Riaghaltas na h-Alba cead dhan tuath-gaoithe aig Sròn na Lairge ach chaidh Urras Iain Mhuir gu Cùirt an t-Seisein ann an oidhirp stad a chuir air.
Bha iad a' cumail a-mach gun milleadh an tuath-gaoithe sgìre de thalamh fhiadhaich.
Cho-dhùin britheamh gu robh ministearan air riaghailtean mu dhìon na h-àrainneachd a bhriseadh nuair a thug iad cead dhan tuath-gaoithe, anns am biodh 67 cruinn.
Tha SSE a' cumail a-mach gu bheil an leasachadh laghail, agus iad ag ràdh nach biodh e follaiseach do dhaoine a tha a' coiseachd air Slighe a' Ghlinne Mhòir.
Tha iad cuideachd ag ràdh gur ann a dhèanadh e feum dhan eaconomaidh agus dhan àrainneachd.