Dh'fhaodadh cosgaisean dealain a dhol suas anns na h-Eileanan Siar
- Air fhoillseachadh
Dh'fhaodadh SSE cosgaisean dealain a chur suas anns na h-Eileanan Siar, mu choinneamh na chosgas e càball dealain a chur eadar na h-eileanan agus tìr-mòr.
Tha a' chompanaidh dhen bheachd gun cosg e £300,00 not dhaibh cumail ri Plana Nàiseanta na Mara.
Tha am plana ag ràdh gum feum càballan fon mhuir a bhith air an tiodhlagadh ann an grunnd na mara, rud nach eil riatanach an-dràsta.
Tha SSE am beachd cosgaisean sam bith a chur air luchd-cleachdaidh anns na h-eileanan.