Cupa Eilein an Fhraoich 2016
- Air fhoillseachadh

Coinnichidh an dà sgioba a bha sa chuairt dheireannaich de Chupa Eilein an Fhraoich an-uiridh - An Taobh Siar agus Am Bac - sa chiad chuairt am-bliadhna.
Bhuannaich an Taobh Siar 4-2 an aghaidh a' Bhac ann an 2015.
Anns na geamaichean eile sa chiad chuairt, bidh na Hearadh an aghaidh Chàrlabhaigh agus an Rubha an aghaidh Nis.
Thèid na Lochan dìreach dhan iar chuairt dheireannaich.
Tha an taghadh air fad mar a leanas;
A' Chiad Chuairt
An Taobh Siar - Am Bac
Na Hearadh - Càrlabhagh
An Rubha - Nis
Iar Chuairt Dheireannach
An Taobh Siar / Am Bac - Na Lochan
An Rubha / Nis - Na Hearadh / Càrlabhagh
Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh