Naidheachdan 11:00m

Tha an Ruis ag ràdh gu bheil iad air tòiseachadh air a' phròiseas gus feachdan airm na dùthcha a ghluasad a-mach à Siria. Thuirt Ceann-Suidhe na dùthcha, Vladimir Putin, an-dè gu bheil an Ruis air a' mhòr-chuid de na chaidh a chur romhpa a choileanadh, sia mìosan an dèidh dhaibh ionnsaighean adhair a thòiseachadh a' toirt taic do Cheann-Suidhe Assad. Tha còmhraidhean a' leantainn aig a' cheart àm ann an Geneva an-diugh ann an iomairt sìth a bhrosnachadh san sgìre.

Spreadhadh boma-càir ann am Berlin sa Ghearmailt madainn an-diugh, a' marbhadh dràibhear a' chàir. Thachair an spreadhadh fhad 's a bha an càr a' siubhal, ga shadail dhan adhair. Tha luchd-eòlach bho na Poilis air a bhith a' sgrùdadh na làraich ann an iomairt faighinn a-mach dè dìreach a dh'adhbharaich an spreadhadh.

Thàinig rabhadh bho àrd-oifigear airm anns na Stàitean Aonaichte gun toir e droch bhuaidh air NATO ma dh'fhàgas Breatainn an t-Aonadh Eòrpach. Thuirt an Seanalair Ben Hodges gu bheil e an-fhoiseil gu bheil referendum ga chumail aig àm nuair a dh'fheumas na dùthchannan Eòrpach a bhith a' seasamh còmhla an aghaidh na Ruis. Bha an Seanalair Hodges a' bruidhinn agus 100 là ann chun an referendum air ballrachd Bhreatainn san AE.

Tha dùil ris an aithisg mu dheireadh bho Bhuidhinn Rannsachaidh nan Tubaistean-Adhair dè dìreach a dh'adhbharaich tubaist heileacoptair far Shealtainn ann an 2013 an ceann beagan uairean de thìde. Chaill ceathrar am beatha nuair a chaidh an heileacoptair SuperPuma dhan mhuir fhad 's a bha i a' dèanamh air Port-adhair Sumburgh. Tha dùil gun tig grunn mholaidhean sàbhailteachd an cois na h-aithisg a thig a-mach mu 1:00f an-diugh.

Chaidh corp fireannaich a lorg air an loidhne rèile aig Dail Mheanaidh faisg air Dùn Èideann madainn an-diugh. Chaidh fios a chur air Poilis Còmhdhail Bhreatainn mu 07:00m. Thathas den bheachd gu bheil an duine na 70an, agus nach eil càil amharasach mu a bhàs.

Thig na meadhanan Gàidhlig fon phrosbaig aig co-labhairt chraolaidh an-diugh aig Oilthigh Dhùn Èideann. Tha dùil ri deasbad eadar buidhnean iomairt, craoladairean agus luchd-amhairc mu na seirbheisean a th' ann agus mar a dh'fhaodadh atharrachaidhean a thighinn orra. Thuirt an t-Oll. Rob Dunbar bho Oilthigh Dhùn Èideann gur e àm cudromach a bh' ann airson deasbad a dhèanamh air na seirbheisean a tha gan tabhann.

Agus chaidh Jackie Kay fhoillseachadh mar Makar, no Bàrd ùr na h-Alba. Rugadh a' bhana-bhàrd ann an Dùn Èideann agus chaidh a togail ann an Glaschu. Thuirt i gun robh i airson pìos a sgrìobhadh mu eileanan na h-Alba airson a' chiad phìos bàrdachd na dreuchd ùir.