Tuathanas èisg an Caol Àcain?
Dhearbh a' chompanaidh àrach èisg Marine Harvest gu bheil iad air air Caol Àcain a chomharrachadh airson factoraidh biadh-èisg, a chosgas £80M uile gu lèir.
Thuirt a' chompanaidh gum biodh 55 cosnadh làn-ùine anns an fhactoraidh aig seann chuairidh Allt Anabhaig.
Tòiseachaidh co-chomhairle poblach air na planaichean an ath mhìos.