Leabharlann Thiriodh air a ghleidheadh
Chan eil muinntir Thiriodh a' dol a chall an leabharlann aca.
Bha dùil gun rachadh an goireas a ghearradh mar phàirt de na sàbhalaidhean aig Comhairle Earra-Ghàidheal 's Bhòid.
Chuala coinneamh phoblach san eilean, ge-tà, gum fan an leabharlann fosgailte, ged nach bi leabharlannaiche le teisteanas ag obair ann.