Càintean-pàrcaidh air Ghàidhealtachd
Dhearbh Comhairle na Gàidhealtachd nach e buidheann phrìobhaideach a bhios an urra ri càintean-pàrcaidh ach an t-ùghdarras ionadail fhèin.
Bha dragh ann gun toireadh a' chomhairle, aig a bheil uallach togail chìsean a-nis seach na poilis, an obair dha buidheann phrìobhaideach.
Bi dàil sia mìosan ann, ge-ta, mus tèid an sgioba de 13 uardan-trafaig fhastadh.
Chan eil ach dithis ris an obair an-dràsta, agus tha aca ris a' Ghàidhealtachd air fad a fhrithealadh.
Tha cuid de ghìomhachasan ionadail a' gearan g'eil gainnead uardan-trafaig air trioblaidean adhbhrachadh dhaibh.
Tha Calum MacAmhlaidh ag aithris.