Clach-mhìle dha cùrsa ciùil
Bidh a' chiad oileanaich air cùrsa ciùil sònraichte a' ceumnachadh a dh' aithghearr.
Tha am BA ann an ceòl le Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean ga theagasg aig astar - a' leigeil le daoine fuireach aig an taigh.
Feumaidh iad tighinn còmhla ceithir tursan sa bhliadhna, ge-tà.
An t-seachdain seo tha iad air a bhith ann an Steòrnabhagh.
Tha an aithris seo aig Eilidh NicLeòid.