Seirbheis aiseig mhaireannach a' tòiseachadh
- Air fhoillseachadh

Tòisichidh seirbheis-aiseig mhaireannach eadar Ceann Loch Chille Chiarain agus Àird Rosain Diardaoin.
Tha bàt-aiseig air a bhith a' seòladh eadar Cinn Tìre agus Siorrachd Àir thairis air na trì bliadhna a chaidh seachad.
Thuige seo cha robh ann ach seirbheis shamhraidh ge-tà.
Bha an t-uabhas dhaoine ga cur gu feum - uile gu lèir chaidh 30,000 duine tarsainn Linne Chluaidh thairis air na trì bliadhna.
Tha luchd gnothachais ag ràdh gu bheil iad air bunnachd fhaighinn às an t-seirbheis.
Ach tha iad den bheachd gum feum leudachadh agus leasachadh a dhèanamh oirre.