Duaisean Bìdhe a' BhBC
Cha do shoirbhich leotha air a' cheann thall, ach bha dà ghnothachas ann an Uibhist a' feitheamh fios oidhche Ardaoin co-dhiù gheibheadh iad duais bhìdhe on BhBC.
Chaidh Bùth MhicIllInnein ann am Beinn nam Fadhla, agus Taigh-Smocaidh Innse Gall a chur air adhart gun fhiosta dhaibh leis an luchd-cleachdaidh airson Duaisean Bìdhe is Tuathanachais a' BhBC.
Fhuair iad troimhe dhan chuairt dheireannaich.
Chaidh an duaisean a thoirt seachad aig cuirm ann am Bristol oidhche Ardaoin.
Tha Shona NicDhòmhnaill ag aithris.