An Louisa ga togail far grunnd na mara
- Air fhoillseachadh

Thèid am bàta a thogail aon uair's gum bi deògh thìde ann air a shon.
Dhearbh Meur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara gun tog iad an Louisa far grunnd na mara ann an oidhirp fuasgladh fhaighinn air dè a dh' adhbhraich an tubaist far Mhiùghlaigh air an 9 Giblean.
Chaill triùir den chriutha am beatha nuair a chaidh am bàta fodha agus i aig acaire.
Dh' fhailich rath-sàbhalaidh a' bhàta cuideachd - cha do dh' fhosgail e agus cha do lìon e le aidhear.
Bi an luchd-rannsachaidh cuideachd a' coimhead air ciamar a lìon am bàta le uisge agus a' mhuir ciùin.
MAIB
Thuirt fear-labhairt an MAIB gun dèidheadh am bàta a thogail 'cho luath sa cheadaicheadh an t-sìde'.
'Se amas an rannsachaidh fuasgladh fhaighinn air carson a chaidh an Louisa fodha agus a chaill daoine am beatha' thuirt e.
Chaidh cuirp Chris Moireasdan, 27, às na Hearadh agus Màrtainn MacIain, 29, à Halcraig ann an Gallaibh a lorg às dèidh na tubaist.
Cha d' fhuaireadh lorg fhathast air Pòl Alliston, 42, à Leòdhas, a dh' aindheoin iomairt mhòr.
Thàinig Lachlann Armstrong, 27, à Steòrnabhagh beò as an tubaist agus e air snàmh gu tìr.