Aon là slàn den iomairt air fhàgail
Chan eil ach aon là slàn air fhàgail aig na pàrtaidhean poileataigeach airson na h-iomairtean deireannach aca a dhèanamh, agus sluagh na h-Alba a' bhòtadh Diardaoin.
Mar a shaoileadh ,tha ceannardan nam pàrtaidhean air a bhith trang tron là Dimàirt, a' siubhal fad' is farsainn, a' feuchainn ri bhòtaichean dhaoine tharraing thuca fhèin.
Tha am fear-naidheachd poileataiceach againn Darren Linc air a bhith leantainn nan iomairtean - agus tha solais chamara a' priobadh anns an aithris aige.