Poilis ag iarraidh taic a' phobaill
- Air fhoillseachadh

Dh'iarr poilis a tha a' rannsachadh tubaist-rathaid mhairbhtich san Eilean Sgitheanach taic on phoball.
Bhàsaich boireannach, 24, an dèidh dhan chàr aice tighinn far an A87 mu mhìle tuath air an Ath Leathann aig 10:10m Dihaoine.
Dh'iarr a teaghlach air na Poilis gun a h-ainm fhoillseachadh.
Gheàrr luchd-smàlaidh am boireannach a-mach à sprùilleach a' chàir.
Dh'iarr na Poilis fiosrachadh bho dhuine sam bith a chunnaic an càr, Ford Fiesta dearg, timcheall air an àm a thachair an tubaist.