Trioblaid fònaichean làimhe Bharraigh
Dhearbh a' chompanaidh fònaichean, EE, do luchd naidheachd An Là gur ann am Barraigh fhèin a tha an trioblaid a' th'air moran de mhuinntir an Eilein fhàgail gun seirbheis fòn làimhe.
Tha seachdainnean ann bho thòisich an t-seirbheis - a th'air a cleachdadh leis a' chuid mhòr de Bharraich - a' dol ceàrr; agus tha dragh ann gu bheil an trioblaid a toirt buaidh air gniomhachasan agus seirbheisean èiginn.
Tha an aithris seo aig Shona NicDhòmhnaill...