Cidhe na Comhairle ga fhoillseachadh
- Air fhoillseachadh

Dh'fhoillsich Comhairle na Gàidhealtachd planaichean connspaideach 'son cidhe-bogadain a thogail faisg air Taigh-cluiche Eden Court.
'S e pìos ealain a bhiodh sa chidhe, a rachadh suas is sìos nuair a sheasadh daoine air.
Tha a' Chomhairle air 'An t-Àite Cruinneachaidh' a ghabhail air.
Chosgadh an cidhe £750,000 is Alba Chruthachail mar thà air £300,000 a ghealltainn.
Thigeadh an còrr bho Chomhairle na Gàidhealtachd, Maoin Choitcheann Inbhir Nis agus HIE.
Càineadh
Tha cuid air na planaichean a chàineadh ge-tà, is iad ag ràdh gur e faoineas a tha seo aig àm nuair a tha an sporan poblach gann.
Dh'fhàg na ceudan de luchd-obrach na Comhairle an dreuchdan is an t-ùghdarras a' feuchainn ris na milleanan notaichean a chùmhnadh.
Chuir a' Chomhairle plana air adhart an toiseach an cidhe a stèidheachadh air Sràid Hunndaidh sa bhaile.
Dhearbh iad Diluain gu bheil iad a-nise 'son a thogail ri taobh Eden Court.
Tha iad ag ràdh gum biodh an cidhe a' tàladh luchd-turais a dh'Inbhir Nis.