"Tha sinn ag èisteachd" - Cal Mac
- Air fhoillseachadh

Thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthainn gum beachdaich iad air iarrtas gus fiosrachadh a bharrachd a sgaoileadh mun phlana ghnìomh a th' aca nuair a nochdas trioblaid le seirbheis.
Nochd am beachd an t-seachdain seo bho fhear de chomhairlichean Bharraigh, Dòmhnall Manford.
Bha e a' bruidhinn às dèidh do thrioblaid nochdadh leis an Isle of Lewis goirid às dèidh dhi Bàgh a' Chaisteil fhàgail Diluain.
Clàr-ama èile
Bha clàr-ama eile an sàs bhon uairsin.
Tha an Comh. Manford ag ràdh gum bu chòir do Chal Mac innse dè dìreach am plana a th' aca nuair a dh'èiricheas trioblaid le seirbhisean aiseig.
"Feumaidh e a bhith follaiseach gu dè an t-eathar a tha a' dol a bhith ga chumail gu aon taobh airson a chur an sàs nuair a thachras na rudan sin a tha fios againn a thachras.
"Feumaidh e bhith air a dhèanamh follaiseach cà bheil iad, cà bheil iad a' suidhe, is cuine thig an cur an sàs", thuirt e.
Thuirt fear-labhairt bho Chal Mac gu bheil iad airson is gum bi am fiosrachadh air fad aig luchd-siubhail a tha a dhìth orra, is gu bheil iad a' feuchainn ris na siostaman conaltraidh aca a leasachadh.
Fàilte
Thuirt e gun do chuir luchd-siubhail fàilte mar thà air leasachaidhean a rinn a' chompanaidh a thaobh nan rabhaidhean aca air loidhne, is mar a tha iad a' cleachdadh nan meadhanan sòisealta.
Cuiridh a' chompanaidh fhèin fàilte air molaidhean sam bith gus piseach a thoirt air na siostaman conaltraidh aca, thuirt am fear-labhairt.
Dh'fhaodadh gur e beachd Dhòmhnaill Manford an seòrsa rud a dhèanadh iad mar phàirt den phròiseas sin, thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh1 An t-Ògmhios 2016
