An t-Òban "nas fheàrr na bha e bho chionn fhada"
- Air fhoillseachadh

Thuirt fear de chomhairlichean an Òbain gu bheil coltas nas fheàrr air a' bhaile a-nise na bha bho chionn iomadach bliadhna.
Thig obair leasachaidh aig Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, luach £2m, air Bàgh an Òbain gu ceann air an ath-mhìos.
Tha fasgaidhean-bus, solais-sràide is àitean-suidhe ùra am measg nan leasachaidhean.
Bidh cuideachd fiosrachadh a bharrachd ann mu ghoireasan siubhail.
Thuirt Cathraiche Comataidh an Òbain, Latharna is nan Eilean, Ruairidh MacCuthais, gu bheil e air a dhòigh leis an obair.
"Tha coltas sònraichte air a' bhaile, nas fheàrr na bha e airson iomadach bliadhna", thuirt an Comh. MacCuthais.
Spionnadh
"Tha seo air spionnadh a chur anns na daoine agus sa bhaile", thuirt e.
Dh'innis an Comh. MacCuthais gu bheil e den bheachd nach eil e ann an seo ach toiseach-tòiseachaidh, is gun tig leasachaidhean eile an ceartuair.
"Tha sinn an dòchas a-nise bùithean is oifisean ùra fhaicinn agus nas cudromaiche buileach, cothroman-cosnaidh ùra.
"Tha sinn airson daoine a thàladh dhan bhaile, is nì sgeamaichean mar seo feum mòr", thuirt e.
Thig an obair gu ceann air an 5mh den ath-mhìos.