Ceist ùr mu Dhùn Deòrsa
- Air fhoillseachadh

Nochd ceist ùr mu Dhùn Deòrsa faisg air Inbhir Nis.
Thathas a' tuigsinn gu bheil Ministrealachd an Dìon a' beachdachadh air an airm a tharraing às.
Chan e seo a' chiad turas a bha ceist ann mun ghearasdan, a tha na dhachaidh dhan Fhreiceadan Dubh.
Thuirt Rùnaire na h-Eaconamaidh is nan Obraichean aig Holyrood, Cè Brown, gu bheil e air a' chùis a thogail le Rùnaire an Dìon, Mìchael Fallon, mar-thà.
Tha dleasdanas air Riaghaltas na h-Alba dha Dùn Deòrsa mar làraich eachdraidheil.
Thuirt Mgr Brown gum biodh ceist ann mu dheidhinn sin nan rachadh an t-airm a tharraing às.
Dh'innis e cuideachd gu bheil iomagain ann mu na tha an dàn dhan Fhreiceadan Dubh fhèin.
Coinnichidh Cè Brown is Minisear Dìon Westminster, Mark Lancaster, Diardaoin.
Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh