Beurla air BBC ALBA "cudromach"
- Air fhoillseachadh

Fhuair ath-sgrùdadh a rinn Urras a' BhBC gu bheil e "cudromach" gum bi Beurla ga cleachdadh còmhla ris a' Ghàidhlig air BBC ALBA.
Tha an t-Urras cuideachd a' moladh poileasaidh fo-thiotalan an t-seanail a chumail mar a tha e.
Choimhead an t-Urras air seirbheis a' BhBC air telebhisean, reidio is air-loidhne ann an Alba, a' Chuimrigh is Èirinn a Tuath.
'S e seo a' chiad làn sgrùdadh aca air BBC ALBA.
Thuirt an t-Urras gu bheil iad mothachail gu bheil deasbad a' dol ann an coimhearsnachd na Gàidhlig mu Bheurla air BBC Alba agus fo-thiotalan sa Bheurla.
Làidir
Thuirt iad gun d'fhuair iad freagairt làidir bho gach taobh den deasbad sin.
Cho-dhuin an t-Urras fhèin gu bheil Beurla air BBC ALBA còmhla ris a' Ghàidhlig cudromach gus cultar na Gàidhlig a thaisbeanadh gu barrachd dhaoine, agus 'son luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a chuideachadh.
Thuirt iad nach eil cead-craolaidh BBC ALBA ag ràdh gum feum prògramanan a bhith ann an Gàidhlig a-mhàin.
A thaobh fo-thiotalan, thuirt Urras a' BhBC gur e roghainn a thoirt dha luchd-amhairc am fuasgladh as fheàrr a bhiodh ann.
Thuirt iad ge-tà, gu bheil iad a' tuigsinn nach gabh sin a dhèanamh air adhbharan ionmhais, is mar sin gu bheil iad den bheachd gum bu chòir am poileasaidh a chumail mar a tha e.
Dh'innis an t-Urras gu bheil dragh ann gu bheil figearan-amhairc BBC ALBA a' tuiteam air sgàth na th' ann de dh'ath-chraolaidhean.
Fhuair rannsachadh an Urrais gun robh cuid mothachail air seo, ach nach e cuspair ro mhòr a bh' ann dhaibh.
Àbhaisteach
Thuirt an t-Urras gur e ath-chraolaidhean a th' ann an 80% de phrògraman BBC ALBA, is gun robh sin àbhaisteach a thaobh seanailean digiteach sa Bheurla cuideachd.
Thuirt iad gur e dùbhlan a th' ann dha BBC ALBA is daoine an dùil gun toir iad seachad farsaingeachd de phrògraman ann an Gàidhlig.
Bidh aig BBC ALBA ri plana 'son prògraman san àm ri teachd a stèidheachadh, fhuair an t-Urras, nuair a tha dearbhadh ann air am buidseat.
Thuirt iad cuideachd gum feum am BBC fhèin meòrachadh air na bhios an dàn dha na seirbheisean aca ann am mion-chànain nuair a bhios cinnt ann air cead an telbheisean san àm ri teachd.
Fhuair an aithisg gun robh BBC ALBA agus BBC Radio nan Gàidheal a' ruighinn cuid mhath de luchd-labhairt na Gàidhlig, is gun robh an ìre de thoileachas aig daoine anns gach seirbheis glè àrd (8 à 10 'son BBC ALBA, is 8.5 à 10 'son BBC Radio nan Gàidheal).