Slàn le laoch-lìbhrigidh litrichean
An dèidh 45 bliadhna, tha fear a th'air a bhi na phost san Eilean Sgitheanach a' leigeal dheth a dhreuchd.
Thòisich Donaidh MacFhionghain à Gleann Dail air an obair ann an 1971, agus bi e deiseal air an ath-mhìos.
'S e deireadh linn a th'ann cuideachd, oir b'e athair Donaidh a bha a' lìbhrigeadh litrichean na sgìre roimhe, agus an obair air a bhi san teaghlach cha mhòr 80 bliadhna.