An teaghlach Brain "misneachail"
- Air fhoillseachadh

Tha an teaghlach a-nis air am meas mar in-imrichean mì-laghail.
Tha Gregg agus Kathryn Brain ag ràdh gu bheil iad dòchasach gun tèid aca air fuireach ann an Alba às dèidh dhith-se tairgse-obrach fhaighinn.
Tha a' chàraid, aig a bheil balach 7 bliadhna a dh'aois, air a bhith ann an cunnart a bhith air an cur a-mach às an dùthaich bho thoiseach na mìos seo.
Thàinig iad a dh'Alba à Astràilia ann an 2011 air bhìosa oileanach ach dh'atharraich Oifis na Dùthcha na riaghailtean bhon uair sin.
Dh'fhailich orra obair fhaighinn a thigeadh a rèir nan riaghailtean ùra.
A-nis tha Kathryn Brain ag ràdh gu bheil i air tairgse-obrach fhaighinn a choileanas na riaghailtean agus tha i ag ràdh gu bheil i "misneachail" gun leig e leotha fuireach ann an Alba.
Cha tèid sin a dhearbhadh chun na h-ath-sheachdainn aig a' char as tràithe.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh1 An Lùnastal 2016
