Iomairt gus clàr-ola a ghluasad air tòiseachadh
Thòisich iomairt gus an clàr-ola an Transocean Winner a ghluasad far na creagan aig Tràigh na Dail Mhòir air Taobh Siar Leòdhais.
Tha ceala-deug ann bho thàinig i air tìr ann an droch shìde, 's i air a slighe eadar Nirribhidh agus Malta.
Bhon uairsin tha obair mhòr air a bhi a' dol airson a cur air bhog as ùr.
Tha Aonghas Dòmhnallach ag aithris.