Bristeadh-dùil dha Russell Knox
- Air fhoillseachadh

Bha bristeadh-dùil ann dhan ghoilfear Ghàidhealach, Russell Knox, is Darren Clarke ga fhàgail a-mach à Sgioba na h-Eòrpa 'son Cupa Ryder.
Thèid na h-Eòrpaich an aghaidh nan Stàitean Aonaichte aig Hazeltine, Minnesota eadar an 30mh den t-Sultain is an 2na den Damhair.
Bha naoinear mar thà air àite a chosnadh san sgioba aig Darren Clarke.
Dh'fhàg sin trì roghainnean aig a' chaiptean 'son a' chòrr den sgioba aige.
Bha dòchas aig Russell Knox, à Inbhir Nis, gum faigheadh e fear de na h-àiteachan sin.
Leis gun robh Knox san 10mh àite air clàr nam puingean, bha e mar thà glè fhaisg air aite a chosnadh.
Eòlas
Air a' cheann thall, thug Clark na h-àiteachan dha Lee Westwood, Martin Kaymer agus Thomas Pieters.
Thuirt Clarke gun robh an t-eòlas a th' aig Westwood is Kaymer air buaidh a thoirt air.
Dh'innis e gun robh e a' cluiche còmhla ri Pieters nuair a bhuannaich e Farpais na Danmhairg air an deireadh-sheachdain.
Chuir Pieters 62 air an t-slighe dhan tiotail.
'S e buille a bhios ann dha Russell Knox.
Thuirt Knox gun robh e dòchasach air àite san sgioba às dèidh dha Farpais Travellers ann an Connecticut a bhuannachadh tràth san Lùnastal.
Sgioba
Tha an sgioba aig an Roinn Eòrpa mar a leanas;
Rory McIlroy
Danny Willett
Henrik Stenson
Chris Wood
Sergio Garcia
Justin Rose
Rafael Cabrera-Bello
Andy Sullivan
Matt Fitzpatrick
Lee Westwood
Martin Kaymer
Thomas Pieters.