A' siubhail a Mheagsago 'son leigheis
Thèid boireannach à Loch Abar gu ruige Meagsago an t-seachdain-sa gus leigheas fhaighinn airson MS.
Gheibh Frances O'Connell leigheas le bun-cheallan - rud a chosgas corr is £40,000.
Ach bhiodh e na bu dhaoire buileach ann am Breatainn agus an NHS a' pàigheadh airson an fheadhainn as miosa a dh'fhulangas a-mhàin.
Tha an aithris-sa aig Andreas Wolff.