Còig cosnaidhean ùra an Tom an t-Sabhail
- Air fhoillseachadh

Chaidh fhaighneach de mhuinntir na sgìre dè bha iad ag iarraidh fhaicinn, mus do chuireadh an t-iarrtas a-steach airson an taic-airgid.
Thèid sanasan a-mach airson còig obraichean ann an Tom an t-Sabhail agus an Gleann Lìobhait as dèidh na naidheachd gu bheil an sgìre air taic-airgid de chòrr is £2m fhaighinn bhon Channchur Nàiseanta.
Chaidh £300,000 a chosg air rannsachadh agus co-chomhairlean poblach san sgìre thairis air bliadhna gu leth, feuch amasan an t-sluaigh a shònrachadh airson leasachaidhean.
B' e sin a' chiad phàirt den iarrtas a chuir a' choimhearsnachd chun a' Chrannchuir Nàiseanta.
"Aig bun seo, tha e a' dol air ais don obair ath-nuadhachaidh a chaidh a dhèanamh sa choimhearsnachd seo o chionn sia bliadhna," thuirt Elanor Nic an Tòisich, bho Ùghdarras Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh.
Brosnachadh Mòr
"'S ann à sin a dh'èirich a h-uile pròiseact a thàinig air adhart," thuirt i.
Ged is iad Ùghdarras na Pàirce Nàiseanta a tha os cionn an iarrtais, tha dusan buidheann eile an sàs, nam meag Oighreachd a' Chrùin, Comhairle Mhoireibh agus Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean.
Tha an t-airgead a fhuaireas ga roinn eadar 20 pròiseact.
"'S e brosnachadh mòr a tha seo dhuinne, dha-rìribh," thuirt Steafan Mac a' Ghobhainn, bho Cho-bhanntachd Chruth-tìre Thom an t-Sabhail is Ghlinn Lìobhait.
"Oir tha sinn a' faireachdainn gu bheil na tha san amharc againn luachmhor dha-rìribh.
"'S e an dùbhlan a th' ann an-còmhnaidh leithid seo de dh'obair a mhaoineachadh.
"Mar sin, tha a bhith a' faighinn na taic seo bho àireamh de bhuidhnean agus Maoin Dualchais a' Chrannchuir Nàiseanta ga dhèanamh comasach dhuinn.
"Faodaidh sinn a-niste na tha fa-near dhan choimhearsnachd a choileanadh," thuirt e.
A thuilleadh air an £2m a fhuaireadh on Chrannchur Nàiseanta, tha gach buidheann a tha an sàs sna pròiseactan air cnap airgid a chur a-steach dhan phoit cuideachd.
Uile gu lèir tha sin a' fàgail gu bheil £3.5m aca.
"'S e dùbhlan mòr a th' ann, ach tha riochdachadh math againn, agus bòrd math airson a thoirt ri chèile," thuirt Vicky Hilton bho Oighreachd a' Chrùin.
"Tha e na chuideachadh mòr gu bheil cuid de bhuidhnean mòra cudromach an sàs leithid sinn fhèin, Ùghdarras na Pàirce Nàiseanta, an RSPB.
"Tha Urras Leasachaidh ionadail againn a-niste ann an àite, agus bidh luchd-obrach againn.
"Bidh stiùiriche pròiseict againn a bhios os cionn nam pròiseactan uile," thuirt i.
Thairis air a' cheithir bliadhna a tha romhainn tha dùil gun tèid leasachadh a dhèanamh air slighean coiseachd na sgìre, air Caisteal Bhlàr Fionnaidh, agus air Taigh-tasgaidh Thom an t-Sabhail, am measg eile.
An toiseach ge-tà, thèid luchd-obrach ùr a thrusadh airson na còig cosnaidhean ùra a lìonadh a dh'aithghearr.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh6 An Dàmhair 2016
