Leasachadh air loidhne-rèile mu thuath
- Air fhoillseachadh

Thàinig gealltanas bhon fheadhainn a tha os cionn seirbheisean reile na h-Alba gu bheil làn-dùil aca obair a dhèanamh air an loidhne rèile tuath air Inbhir Nis, a tha iad ag ràdh a bheir piseach mòr air an t-seirbheis.
Tha seo às dèidh mar a nochd draghan gun robh duiligheadasan air an loidhne a' ciallachadh gun robh e ann an cunnart dùnadh.
Chaidh an loidhne a thogail am meadhan na 19mh Linne airson cuideachadh a thoirt do dh'uachdarain nan oighearachdan mòra.
B' e an dòigh as luaithe siubhail eadar Inbhir Nis agus Inbhir Theòrsa nuair a chaidh a thogail, ach a-niste nìthear an gnothach ann an càr ann an dàrna leth na h-ùine a tha an trèana a' toirt.
A rèir luchd-iomairt tha feum air airgead mòr a bhith air a chosg air an rèile airson an uine a tha gach turas a' toirt a ghearradh agus nas lugha de mhaill a bhith a' tighinn air seirbheisean.
A-nis tha an Scotrail Alliance a tha coimhead às dèidh trèanaichean is loidhnaichean rèile ag ràdh gu bheil iad mothachail air na dh'fheumas a bhith air a dhèanamh.
Am measg na tha iad ag ràdh a thèid a dhèanamh tha trèanaichean ùra agus siostaman didseatach a cheannach airson loidhne.
Thuirt a' chompanaidh nach eil an loidhne mu thuath idir ann an cunnart.