Seann stèisean rèile ga leasachadh mar ionad cultarail
Tha còrr air leth-cheud bliadhna bhon a dh'fhàg an trèana ma dheireadh stèisean Bhaile nan Granndach an Ear.
Ach tha obair a' dol a-nis gus an t-seann stèisean a leasachadh mar ionad chultarail.
Am measg na thathar an dùil a bhios ann, bidh cafaidh ann an seann charabadan-rèile agus taisbeanaidhean dhen na tha an lùib a bhith a' dèanamh fhèillidhean.
Tha Karen Elder ag aithris..