Am Prionnsa Tèarlach aig Mòd nan Eilean Siar
- Air fhoillseachadh

Am Prionnsa Tèarlach anns an luchd-eisteachd aig farpais na cloinne
Thadhail Tighearna nan Eilean, am Prionnsa Tèarlach, air Mòd nan Eilean Siar Dimàirt.
A' chiad char, bha e a' coimhead cuid de na farpaisean cloinne ann an Steòrnabhagh agus choinnich e ri farpaisich agus luchd-stiùiridh a' Mhòid.

Dannsairean a' bruidhinn ris a' Phrionnsa
Thug e seachad duais son neach-ionnsachaidh na bliadhna dha Carmine Colajezzi a tha na oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig.
Rinn am prionnsa an uairsin air na Hearadh airson taigh-staile na Hearadh fhosgladh gu h-oifigeil.
Thuirt Ceann-suidhe a' Chomuinn Ghàidhealaich, Iain MacLeòid, gur e urram a bh'ann dhaibh gun robh am Prionnsa air tadhal air a' Mhòd Nàiseanta Rìoghal am bliadhna.
Obair chruaidh
Cuideachd, mhol Mgr MacLeòid an obair chruaidh a tha Carmine air a dhèanamh ann a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig agus an ìre de dh'fhileantachd a tha aige gu ruige seo.
Tha an duais ga thoirt seachad do neach a tha air ceumanan mòr a dhèanamh ann a bhith ag ionnsachadh a' chànain.

Rugadh agus thogadh Carmine ann an Abruzzo san Eadailt agus ghluais e a dh'Alba bho chionn còig bliadhna.
Thòisich e ag ionnsachadh na Gàidhlig an dèidh dha a bhith air turas baighseagail sna h-Eileanan an Iar.
Chaidh e gu Sabhal Mòr Ostaig an-uiridh.