Rabhadh mu thuathan-gaoithe air tìr
- Air fhoillseachadh

Thug tè de na companaidhean cumhachd as motha an Alba rabhadh seachad nach fhada gus an tig maill mhòr air gnìomhachas nan tuathan-gaoithe air tìr.
Thuirt Scottish Power gum feum Riaghaltas Westminster taic a chumail ris a' ghnìomhachas agus iad air co-dhùnadh gun sguir taic-airgid do phròiseactan gaoithe air tìr as t-Earrach seo tighinn.
Tha mòran thuathan-gaoithe gan togail an-dràsta.
Tha cabhag air companaidhean an togail mus sguir an taic-airgid.
Thuirt Scottish Power gu bheil iad a' cumail cosnaidh ris na mìltean dhaoine.
Dh'iarr iad air Riaghaltas Westminster gun rachadh bun-phrìs a stèidheachadh airson cumhachd na gaoithe, mar a rinneadh le stèisean cumhachd niuclasaich Hinkley Point ann an Sasainn.
Thuirt Riaghaltas Westminster ge-tà, nach robh dùil gum biodh an taic-arigid ri fhaotainn gu sìorraidh, 's gur e an t-amas a bh' aca riamh taic a chumail ri teicneòlas ùr.