Saighdear air ainmeachadh
- Air fhoillseachadh

Bha Joe Spencer na Lance Corporal anns an Treas Batalian na Raidhfilean.
Dh'ainmich Ministrealachd an Dìon an saighdear a chaidh a mharbhadh aig raon-loisgidh faisg air Baile Dhubhthaich air taobh sear Rois Dimàirt.
B' e Lance Corporal Joe Spencer, bhon Treas Batalian na Raidhfilean.
Thuirt Rùnaire an Dìon, Marc Lancaster: "Tha mo smuaintean le teaghlach Joe, le a charaidean agus le a cho-obraichean aig an àm uabhasach seo.
"Tha sinn ag obair còmhla ris na Poilis anns an rannsachadh aca air na dh'adhbhraich a bhàs."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh2 An t-Samhain 2016
