Dachaigh ùr do Loopallu

  • Air fhoillseachadh
Loopallu

Bidh dachaigh ùr aig fèis chiùil Loopallu ann an 2017.

Dh'fhailich air an fheadhainn a tha ga ruith aonta a ruighinn gus an làrach far an robh an fhèis a chleachdadh.

Tha sin a' fàgail gur ann air Cidhe Ulapuil a bhios Loopallu 2017 is taic air tighinn bho Urrasairean Chidhe Ulapuil.

Bheir an t-atharrachadh na h-uimhir de bhuaidh air an fhèis, a tha air soirbheachadh gu mòr bho chaidh a stèidheachadh ann an 2005.

Cha bhi làrach campachaidh ann, is cha bhi uimhir de thiceadan rim faighinn.

Thuirt an fheadhainn a tha air cùl Loopallu gur dòcha gur e 2017 an fhèis mu dheireadh a bhios ann, no gur dòcha gur e toiseach chabaideil ùir a bhios ann.

Bidh sin ann an làmhan luchd-frithealaidh na fèise, thuirt iad.

Bidh Loopallu 2017 ann air an 29mh is an 30mh den t-Sultain.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh