Fear-gairm Choimisean na Croitearachd a' toirt seachad fianais aig Holyrood
Tha Fear-gairm Choimisean na Croitearachd, Cailean Ceanadach, air a bhith a' toirt fianais do Phàrlamaid na h-Alba.
Thuirt e ri Comataidh na h-Eaconomaidh Dùthchail gu robh an tuigse aige air obair nan Coimiseanaran, eadar-dhealaichte bho na bha iad a' dèanamh.
Bha am fear-naidheachd poilitigeach againn, Mìcheal MacNèill ag èisteachd ris an fhianais.