Gealltanas ùr air ADS do luchd-gnothachais
- Air fhoillseachadh

Thuirt am Prìomh Mhinistear gun coimhead iad às ùr air sgeama nam faraidhean adhair saora (ADS) a leudachadh do luchd-gnothachais.
Bha Nicola Stugeon a' freagairt ceist aig Holyrood bhon bhall Lib-Deamach do dh'Arcaibh, Liam MacArtair.
Tha an sgeama a' lùghdachadh fharaidhean adhair 50% do mhuinntir nan Eilean Siar, Cholbhasa, Arcaibh, Sealtainn, Ìle, Diùra, Gallaibh is Iar Thuath Chataibh.
Cha robh e ann do luchd-gnothachais bho 2011.
Thuirt Mgr MacArtair gun deach an co-dhùnadh sin a ghabhail às aonais co-chomhairle, is gur e co-dhùnadh a bh' ann a chuir cosgaisean suas dha companaidhean prìobhaideach agus dhan roinn phoblaich.
Argamaid
Thuirt e gu bheil HITRANS air argamaid glè làidir a chur air adhart 'son ADS a thilleadh do luchd-gnothachais.
Dh'iarr iad air a' Phrìomh Mhinistear mar sin an sgeama a chur air ais mar a bha e.
Thuirt a' Bh.Ph. Sturgeon gu bheil i tuilleadh is toilichte iarraidh air Ministear na Còmhdhail coimhead ris a' chùis a chuir HITRANS air adhart.
Thuirt i gu bheil an Riaghaltas airson is gum bi a h-uile cothrom aig luchd-gnothachais ann an eileanan na dùthcha, is gun tig freagairt bho Mhinistear na Còmhdhail às dèidh dha an gnothach a rannsachadh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh19 An t-Ògmhios 2015

- Air fhoillseachadh16 An Gearran 2015
