Òraid Theàrlaich Cheannadaich
- Air fhoillseachadh

Bheir am Prìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, seachad òraid chuimhneachaidh Theàrlaich Cheannadaich sa Ghearasdan oidhche Haoine.
Bha an Ceannadach na BhP Lib-Deamach 'son Rois, an Eilein Sgitheanaich is Loch Abair fad 32 bhliadhna.
Chaochail e san t-Samhradh an-uiridh, beagan sheachdainnean às dèidh dha an roinn a chall ann an taghadh Westminster.
Bha Mgr Ceannadach cuideachd na cheannard air na Lib-Deamaich eadar 1999 is 2006.
'S e seo an dàrna bliadhna den òraid, is thèid a toirt seachad aig Àrd-sgoil Loch Abair, an sgoil dhan deach Mgr Ceannadach.
Tha dùil gum bruidhinn a' Bh.Ph. Sturgeon mu chòmhdail, seirbheisean didseatach a leasachadh is dòighean gus daoine òga a chumail air Ghàidhealtachd, cuspairean air fad a bha cudromach do Theàrlach Ceannadach.