Thig a' cho-bhonntachd eadar Loganair agus Flybe gu ceann an ath-bhliadhna
Tha atharrachadh a' tighinn air seirbhisean adhair na h-Alba.
Tha Flybe, a tha ag obair an-dràsta còmhla ri Loganair, ag ràdh gu bheil an t-aonta eadar an dà chompanaidh a' dol a thighinn gu ceann san Lùnasdal an ath-bhliadhna.
Tha an dà chompanaidh ag ràdh gun ruith Loganair na seirbhiesean an uair sin air an ceann fhèin.
Tha Aonghas Dòmhnallach ag aithris.