Cead do chomataidh ùr an Col Uarach
- Air fhoillseachadh

Thèid cothrom a thoirt do chroitearan ann an Col Uarach ann an Leòdhas comataidh ionaltraidh ùr a thaghadh, agus riaghailtean ionaltraidh a tharraing ri chèile iad fhèin.
Choinnich croitearan na sgìre - bho gach taobh den deasbad a bh' ann - ri àrd-oifigear eadar-amail Choimisean na Croitearachd, Bill Barron, oidhche Mhàirt.
Thuirt Mgr Barron gun robh toil aig a' choinneimh feuchainn ri gluasad air adhart às dèidh bliadhna de dh'aimhreit agus mì-chinnt, agus Coimisean na Croitearachd air comataidh Chuil Uaraich a chur às an dreuchd.
Thuirt e gum feumar comataidh ionaltraidh ùr a thaghadh, agus gum faodadh i riaghailtean ionaltraidh a tharraing ri chèile.
Thuirt e gum bi e an urra ris a' chomataidh an gabhadh iad ri molaidhean bho Chailean Soutar, a bha na chonastabal ionaltraidh san sgìre nuair nach robh comataidh ann.
Cha chanadh Mgr Barron dad mu ghnothaichean a chuir an conastabal gu ruige na poilis mu dheidhinn rathad a chaidh a dhèanamh ann an Gearraidh Ghuirm gus an gabhadh taighean a thogail.
Tha cuid de na croitearan ag ràdh gu bheil iad fhathast gun leabhraichean a' bhaile fhaighinn, no mìneachadh fhaighinn air ciamar a fhuair an conastabal smachd air airgead a' bhaile.
Dh'innis Mgr Barron cuideachd gum bi an ath choinneamh de Choimisean na Croitearachd ann air an 14mh den Dùbhlachd.
Dh'iarr am bòrd-stiùiridh roimhe air an fhear-gairm, Cailean Ceanadach, a dhreuchd fhàgail, ach thuirt Mgr Barron gu bheil e an urra ris an fhear-gairm agus an Riaghaltas dè thachradh a thaobh sin.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh20 An Giblean 2016

- Air fhoillseachadh10 An Cèitean 2016
