Cead-fuirich ga thoirt do bhìobhairean
- Air fhoillseachadh

Thèid an dà bhuidhinn de bhìobhairean ann an Alba a chumail.
Dhearbh Riaghaltas na h-Alba gun tèid leigeil le bìobhairean a chaidh a thoirt a-steach a dh'Alba às ùr fuireach, le dìon sònraichte ga chur orra.
Chaidh bìobhairean Albannach à bìth anns an 16mh linn ach chaidh buidheann dhiubh a thoirt a-steach a dh'Earra-Ghàidheal ann an 2009 mar sgeama-dearbhaidh.
Chaidh buidheann eile cuideachd a leigeil ma sgaoil gun chead ann an Taobh Tatha.
Thèid leigeil leis an dà bhuidhinn fuireach, ach thèid smachd a chumail orra airson talamh-àitich a dhìon.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh21 An t-Samhain 2014
