Tiristich air barr nan tonn
Airson a' chiad uair riamh tha dithis bhalach à Tiriodh a' gabhail pàirt ann am farpaisean surfaidh Eòrpach.
Thòisich na farpaisean ann am Morocco air an deireadh sheachdain.
Ged 's iad na Frangaich a tha air am buannachadh airson 16 bliadhna, tha na h-Albannaich misneachail gun tèid gu math leotha.