Ionad-Stiùiridh Smàlaidh air dùnadh
- Air fhoillseachadh

Tha ionad-stiùiridh smàlaidh Inbhir Nis air dùnadh.
Thèid gairmean èiginneach bho sgìre na Gàidhealtachd 's nan Eilean a làimhseachadh ann an Dùn Dè bho seo a-mach.
Seo fear de na h-atharrachaidhean as ùire a tha Seirbheis Smàlaidh na Alba a' cur an sàs ann an oidhirp seirbheisean de a leithid a thoirt còmhla agus lùghdachadh a thoirt air an àireimh de dh'ionadan stiùiridh san dùthaich bho ochd gu trì.
Tha seo mar phàirt de dh'oidhirp cuideachd cosgaisean a lùghdachadh.
Tha dragh air nochdadh bho chuid anns an sgìre ge-tà, mu bhith a' call fiosrachaidh mu sgìrean ionadail ri linn an atharrachaidh.
Chaidh ionad Obar Dheathain a dhùnadh air a' mhìos a chaidh.
Ged a chaidh gealltanasan a thoirt seachad gun tèid na seirbheisean a th' ann an-dràsta a chumail aig an aon ìre, tha luchd-poileataigs dùbhlannach agus aonaidhean an luchd-smàlaidh air càineadh làidir a dhèanamh air na h-atharrachaidhean.