Coinneamh shònraichte aig Coimisean na Croitearachd
- Air fhoillseachadh

Tha dùil gum feuch a' Chomhairle ri cur às de cho-dhùnaidhean na coinneimh mu dheireadh den bhòrd.
Bidh coinneamh shònraichte de Choimisean na Croitearachd ann an Inbhir Nis Dihaoine - coinneamh a chaidh iarraidh le Fear-Gairm a' Choimisein, Cailean Ceannadach.
Tha dùil gum feuch e ri cur às de cho-dhùnaidhean bhon choinneimh mu dheireadh den bhòrd far an do dh'iarr na buill eile airsan a dhreuchd a leigeil dheth.
Chaidh a' choinneamh sin ann am Brùra air adhart às aonais Mhgr Cheannadaich às dèidh dhasan coiseachd a-mach aiste.
'S ann gu prìobhaideach a thèid gnothaichean a dheasbad Dihaoine.
Tha a' choinneamh a' tachairt air thoiseach air coinneimh àbhaistich den bhòrd an t-seachdain seo tighinn.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh10 An Dàmhair 2016

- Air fhoillseachadh7 An Dàmhair 2016

- Air fhoillseachadh4 An Lùnastal 2016

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh