Na ceudan obraichean ùra sa Ghearasdan
Tha ceudan de dh'obraichean ùra san amharc aig leaghadair aluminium a' Ghearasdain.
Tha na companaidhean a tha ga ghabhail thairis bho Rio Tinto, Liberty House agus Simec ag ràdh gum faodadh 600 cosnadh ùr a bhith ann, 's iad a' coimhead ri leudachadh.
Dh'aontaich iad a ghabhail thairis bho Rio Tinto airson £330m.