Cead marbhaidh aig freiceadain Faslainn an 1988
- Air fhoillseachadh

Chaidh briseadh a-steach air HMS Repulse a bh' aig an ionad air Chluaidh.
Tha pàipearan dìomhair a chaidh fhosgladh airson a' chiad turais air nochdadh gun deach cead a thoirt do fhreiceadain aig ionad niuclasach Faslann air Chluaidh luchd-iomairt, no duine sam bith eile, a bhiodh nan cunnart, a mharbhadh.
Thachair seo às dèidh do thriùir luchd-iomairt briseadh a-steach a dh'ionad a' Chabhlaich Rìoghail aig Faslann ann an 1988.
Chaidh aca air faighinn dhan t-seòmar stiùiridh de bhàta-aigeann niuclasach Polaris, mus deach an cur an grèim.

Rinn Mairead Thatcher dubh-chàineadh air ceannardan dìon "Tha mi air m' uabhasachadh gu tur! Tha eisimpleirean de leibideachd a thaobh ghnothaichean cudromach a' sìor thighinn am follais."
Chaidh rannsachadh iarraidh leis a' Phrìomhaire a bh' ann, Mairead Thatcher, a rinn dubh-chàineadh air ceannardan an dìon.
Bha an triùir luchd-iomairt air am faighinn neo-chiontach air adhbharan teicnigeach airson na rinn iad.