Fear-coiseachd Duitseach a dhìth
- Air fhoillseachadh

Tha na Poilis air Ghàidhealtachd a' sireadh fhir-turais Dhuitsich a th' air a bhith a dhìth còrr is seachdain an dèidh dha falbh a choiseachd.
Chunnacas cornlius Van Der Wetering, a tha 54 agus a bhuineas dhan Òlainnd, mu dheireadh ann an sgìre Thomaich ann an Srath Glais, Diciadain 28mh an Dùbhlachd.
Bha e air a bhith a' fuireach aig taigh leabaidh is breacaist an Inbhir nis.
Thathas a' tuigsinn gun robh e a' cur roimhe coiseachd còrr air 70 mìle gu Caol Loch Aillse, taobh Ghlinn Afraic.
Tha na Poilis ag iarraidh air luchd-coiseachd, luchd-ruith leabaidh is breacaist, agus air companaidhean bus no tacsaidh san sgìre bruidhinn riutha ma tha iad air Mgr Van Der Wetering fhaicinn.
Tha e àrd, caol, le falt goirid liath. Bha aodach air a bha iomchaidh dhan bhlàr a-muigh, agus màileid mhòr ri a dhruim nuair a chunnacas mu dheireadh e.
Faodar fios a chur air na Poilis air an àireamh fòn 101.