Tha Urras Coimhearsnachd ann an Lios Mòr am beachd Taigh a' Bhachail air an eilean a cheannach
Tha Urras Coimhearsnachd Lios Mòir am beachd Taigh a' Bhachail air an eilean a cheannach.
Bidh an taigh, a tha cuideachd na leabaidh is breacaist le ceithir rionnagan, air a' mhargaidh a dh'aithghearr.
Fhuair an t-Urras airgead bho Stòras Fearainn na h-Alba gus sgrùdadh eaconomach a dhèanamh feuch an gabh a cheannach mar ghoireas coimhearsnachd.
Seo Andreas Wolff.