Cha deach clàran-ama samhraidh ChalMac fhoillseachadh fhathast
Tha dragh air èirigh nach eil CalMac air clàran-ama samhraidh nan aiseagan fhoillseachadh fhathast.
Bha dùil gun nochdadh na clàran-ama ron a' Bhliadhn' Ùir airson seòaidhean bhon Mhàirt sa tighinn, ach cha tàinig iad fhathast.
Tha a' chompanaidh air leisgeul a thabhainn, 's iad ag ràdh gun nochd iad a dh'aithghearr.
Tha Murray MacLeòid ag aithris.