Luchd-iomairt a' togail fianais taobh a-muigh Pàrlamaid na h-Alba
Bha luchd-iomairt a' togail fianais taobh a-muigh Holyrood an-diugh 's iad mì-thoilichte mu phlanaichean Ùghdarras Cala Chrombaigh 'son ola a ghluasad bho bhàta gu bàta ann an Linne Mhoireibh.
Thuirt am Prìomh Mhinistear gun robh an Riaghaltas ag èisteachd ri na draghan a th'orra agus nach robh iad cinnteach gum bu chòir dhan leithid a dhol air adhart.
Tha an aithris seo aig an fhear-naidheachd phoileataigeach againn, Mìcheal MacNèill.