Dùil ri brath oifigeil mu stuth Dhùn Rath
- Air fhoillseachadh

Thig brath oifigeil bho Riaghaltas na h-Alba Dimàirt a thaobh mar a tha stuth niuclasach à Dùn Rath ga sgèith a-mach à Port-adhair Inbhir Ùige a-null dha na Stàitean Aonaichte.
Chaidh aonta a dhèanamh eadar Breatainn agus na Stàitean Aonaichte an-uiridh agus dh'fhalbh a' chiad phlèana à Inbhir Ùige san t-Sultain.
Ged is 's e gnothach Riaghaltas Westminster a tha ann an cumhachd niuclasach, tha am BPA Gàidhealach bhon Phàrtaidh Uaine, Iain Finnie, air grunn cheistean a thogail mun chùis ann am Pàrlamaid na h-Alba.
Tha Mgr Finnine a' ceasnachadh carson a thug Companaidh Phort-Adhair na Gàidhealtachd is nan Eilean (HIAL) cead seachad, is dè na cosgaisean a tha a' tighinn air Poileas Alba.
Thuirt e gu bheil e gu math foillseachach nach eil Port-adhair Inbhir Ùige idir freagarrach airson nam plèanaichean a thathas a' cleachdadh a làimhseachadh, is gun robh teagamhan air na h-ùghdarrasan fhèin mun chùis mus deach cead a thoirt seachad.
Bu chòir am fiosrachadh air fad a thoirt dha na daoine, thuirt e.
Tha dùil a-nise ri mìneachadh bho Riaghaltas na h-Alba Dimàirt.