Gainnead rèitearan an Uibhist
- Air fhoillseachadh

Sgioba Bharraigh a bhuannaich Lìog Uibhist is Bharraigh 2016
Tha trioblaid mòr aig Comunn Ball-coise Uibhist is Bharraigh leis cho gann sa tha iad de rèitearan.
Chan eil ach dithis anns na h-eileanan sin a tha ceadaichte smachd a' ghabhail air geamaichean agus tha iadsan a' fuireach ann am Barraigh.
Chan eil duine ann an Uibhist no Beinn nam Fadhla a dh'fhaodas a bhith nan rèitearan.
Chaidh sanas a' chuir a-mach an t-seachdain sa chaidh a' faighneachd an robh daoine deònach a dheanamh.
Feumaidh iad treanadh fhaighinn mus tòisich an t-seusan sa Mhàirt agus le tri geamaichean san t-seachdain tha an suidheachadh a' fas èiginneach.
Chaidh geamaichean an cuir dheth an-uiridh air sgath gainnead rèitearan.
Chun na h-ìre sa chan eil duine air ùidh a shealltainn san t-sanas fhathast.
Tha seo a' togail ceistean mu na tha an dàn dhan lìog.