ICT is Celtic a-rithist
- Air fhoillseachadh

Dh'aidich manaidsear Chaley Thistle, Richie Foran, nach e geama air falbh an aghaidh Celtic a bha e ag iarraidh ann an Cupa na h-Alba.
Chaidh an taghadh a dhèanamh oidhche Dhòmhnaich is ICT gan cur gu Pàirce Celtic, is Ross County gus fàilte a chur air Obar Dheathain ann an Inbhir Pheofharain.
Thuirt Foran gum b' fheàrr leis fhèin geama aig an taigh, ach gum biodh cathraiche ICT toilichte le beagan airgid a dhèanamh à turas a Ghlaschu.
Chaidh Inbhir Nis troimhe 2-1 an aghaidh Eilginn air an deireadh-sheachdain, Larnell Cole is Lonsana Doumbouya leis na tadhail às dèidh do Mhark MacNeacail an sgioba bho Lìog 2 a chur air thoiseach.
Ged as 's e geama cho doirbh 's a dh'fhaodadh a bhith ann a th' ann an Celtic aig Parkhead, tha adhbhar dòchais no dhà ann 'son ICT.
'S iad an aon sgioba ann an Alba a tha air rudeigin a thoirt bho Celtic air an t-seusan seo is na sgiobaidhean co-ionnan 2-2 ann an Inbhir Nis san t-Sultain.
Agus - eagal is gu bheil cuideigin ann aiteigin nach eil a' cuimhneachadh - tha deagh eachdraidh aig Caledonian Thistle an aghaidh Celtic ann an Cupa na h-Alba.
Pronnadh
Chan e geama an aghaidh sgioba eile bhon Phrìomh Lìog a bhiodh Ross County ag iarraidh nas motha, ach co-dhiù bidh iad aig an taigh agus ann an sunnd às dèidh pronnadh a thoirt air Dundee United 6-2.
'S e an ceò as motha a chuir dragh air County is iad 4-1 air thoiseach is gun ach leth-uair air a chluich.
Thàinig a dhà eile mus robh an là seachad is County troimhe ann an stoidhle.
'S iad Chris Routis (2), Pòl Quinn, Tim Chow, Liam Boyce is Jim O'Brien a chuir na tadhail.
Thàinig turas Chalum Fhearghasdain ann an Cupa na h-Alba gu ceann Didòmhnaich nuair a chaill Albion Rovers 3-0 an aghaidh Celtic.
'S e tadhal bho Fhearghasdan an aghaidh QoS sa chuairt mu dheireadh a bha air Albion a chur troimhe, is ged a thàinig e far na beingidh Didòmhnaich leis a' gheama fhathast faisg aig 1-0, dh'fhailich air an turas seo an geama a thionndadh.
Cluinnear bho Chalum air An Là air BBC ALBA oidhche Luain.
Bidh an ath-chuairt de Chupa na h-Alba ann air an 11mh is 12na den Ghearran.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh19 Am Faoilleach 2017
